Oifigear Leasachaidh Ealain & Cultar

Tha aon oifigear aig An Lòchran, a tha ag obair pàirt-ùine dhan bhuidheann.

'S e Iain Beggs an t-Oifigear Leasachaidh againn an-dràsta. 'S ann à Barraigh a tha Iain agus chaith e ceithir bliadhna aig Sabhal Mòr Ostaig far a choisinn e BA ann an Cànan is Cultar na Gàidhlig. B’ àbhaist Iain a bhith na mhanaidsear aig Ionad Dualchais Barraigh ‘s Bhatarsaigh agus Oifigear Margaideachd aig Pròiseact nan Ealan. Cuideachd bidh Iain ag obair mar chleasaiche agus bha e an sàs sna dealbhan-chluiche Sequamur, Shrapnel, agus An Tango Mu Dheireadh ann am Partaig.