Dòmhnall MacLeòid (Cathraiche)

Tha Dòmhnall na Phrìomh Achdaire aig an Scottish Friendly Assurance Society agus tha e cuideachd air Comhairle Stèidheachd agus Dàmh nan Achdairean. Thogadh e ann a Steòrnabhagh agus tha e air a bhith na bhall do Cheòlraidh Gàidhlig Ghlaschu airson iomadach bliadhna.

Kenna NicUalraig

Tha Kenna, às an Eilean Sgitheanach, ainmeil mar sheinneadair Gàidhlig. Tha i air a dreuchd mar Cheannard Sgoile a leigeil dhith, agus the i a-nis a' teagasg seinn ann an Gàidhlig air a' chùrsa Ciuìl na h-Alba. Tha i air Bòrd-Stiùiridh Pròiseact nan Ealan, buidheann nàiseanta nan Ealan Ghàidhlig.

Alasdair MacIlleMhaoil (Iar-Chathraiche)

Bha Alasdair ag obair fad bhliadhnaichean gu proifeasanta ann an gnìomhachas an àrachais. Bha e roimhe na Cheannad air Comunn Àrachais & Achdaireach Glaschu agus bidh e a' riochdachadh na h-Alba air comhairle na Rìoghachd Aonaichte airson Institiude Àrachais Cairte. Bidh Alasdair a' seinn le còisir Cheòlraidh Ghàidhlig Ghlaschu. Thogadh e ann an Glaschu le a phàrantan à Leòdhas.

Catriona Nic a' Phì

Rugadh agus thogadh Catrìona Nic a’Phì faisg air Glaschu le pàrantan a Uibhist a Deas agus tha i air a bhith ag obair anns na meadhanan Gàidhlig faisg air fichead bliadhna, treiseag mhath dhiubh sin a-mach air a ceann fhèin. Tha i sàs ann am prògraman Gàidhlig air telebhisean agus rèidio a-mach air iomadh chuspar. A bharrachd air An Lòchran tha i na ball bùird airson MG Alba.

John Robertson

John is a Project Manager for the NHS. Although his family are from North Uist and Skye, John was brought up in Glasgow and went through Gaelic medium education. John is currently Assistant Treasurer for the Glasgow Skye Association.

Catrìona NicNèill

’S ann à Glaschu a tha Catrìona NicNèill ach tha ceanglaichean làidir aice ri Barraigh agus Uibhist a Deas. Chaidh i tro fhoghlam tro mheadhan na Gàidhlig anns a’ bhaile agus ’s e pìobaire agus seinneadair a tha innte. Tha i air a bhith an sàs ann an obair na meadhanan Gàidhlig fad iomadh bliadhna agus choisinn i PhD aig Sabhal Mòr Ostaig a’ rannsachadh na meadhanan Gàidhlig agus poileasaidh cànain. Tha i an-dràsta ag obair airson a’ BhBC agus, am measg rudan eile, tha i na preaseantair air a’ phrògram ‘Crunluath’ airson Radio na Gàidheal.