Bidh An Lòchran a' toirt taic do Thèatar Òigridh Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu, a chaidh a stèidheachadh ann an 2015 le cuideachadh bho An Lòchran.

Bidh a' bhuidheann a' coinneachadh a h-uile seachdain anns an sgoil le stiùireadh bhon sàr-chleasaiche is eòlaiche Artair Donald.

Rinn a' bhuidheann panto Gàidhlig ann an 2015 agus 2016. Ann an 2016 chaidh iad a dh'Inbhirnis gus pàirt a ghabhail ann am Fèis Dràma Òigridh aig Eden Court cuide ri buidhnean eile bho air feadh na Gàidhealtachd.

Tha iad cuideachd air taisbeanadh a dhèanamh aig Ceòl 's Craic.

Bidh panto eile a' dol air an àrd-ùrlar ann an 2017!