(Taigh-cluiche nan Saoranach, Glaschu, 26 Faoilleach  2007)

Tha FIONA NicCHOINNICH a' faicinn Gàidhlig a' nochdadh mar chànan buntainneach co-aimsireil am measg àbhachdais freagairt nan Gàidheal do na Vagina Monologue.


LE FIOS gu bheilear a' bruidhinn mu dheidhinn 'Chan eil 'V' ann an Gàidhlig' ann an co-ionnanachd Gàidhlig ri 'The Vagina Monologues' (agus sin far a bheil 'V' a' tighinn a-steach ann), chaidhte a-steach do Thaigh-cluiche nan Saoranach a' faireachdainn caran gealtach agus ceasnachail.

Gun teagamh sam bith, tha na bana-chleasaichean a tha na lùib a' feuchainn air stuth an seo a tha ùr-ghnàthaichte ann an saoghal na Gàidhlig - dealbh-chluich sa bheil facail 'mhì-mhodhail' agus a tha a' dol an sàs ann an cuspairean leithid 'foghlam slàinte phearsanta', deuchainnean smiùraidh agus companaich 'gaoil' ròbotach, a tha a' dol a thogail mòran cheistean ann an saoghal na Gàidhlig - agus air an taobh a-muigh cuideachd.

Air a cho-riochdachadh leis An Lòchran, a' bhuidheann ealain Ghàidhlig stèidhichte ann an Glaschu agus an companaidh Cluiche TAG agus air a sgrìobhadh le Seonag Monk, tha an dealbh-chluich air a h-iomradh leis na facail 'Tha triùir bhoireannach a' gabhail tlachd à turas-feasgair don taigh-cluiche. Tha iad a' deasbad air beatha, gaol agus feise. Ach dè mu dheidhinn na deilbh-chluich?'.

Air a thaisbeanadh 'ann an cearcall', tha e a' nochdadh nan tàlantan nach beag aig an t-seinneadair Ghàidhlig, Cathaidh Anna Nic a' Phì à Barraigh agus a tha a-nis a' fuireach ann an Canada; a' bhana-chleasaiche, seinneadair agus  riochdaire, Caitlin Nic an Aonghais; agus an seinneadair is eòlaiche beul-aithris, Mairead Bennett.


Thug an dealbh-chluich cothrom cuideachd do 6 nigheanan dheugairean obrachadh air an sgilean sgrìobhaidh agus dràmadach fhèin, le bhith ag obair còmhla thar dusan seachdain leis an Stiùiriche Coimhearsnachd, Elly Goodman, gus 9 sgeidsichean goirid a thoirt gu buil, mu dheidhinn raon de chuspairean leithid òraidean Oscair, dràibhearan boireann, mnathan air am mealladh agus 'an gnè deireannach as fheàrr ann an companaich leiteacs'.

Tha an luchd-amhairc air an glacadh gun fhiosta aig toiseach na deilbh-chluiche nuair a tha sinn a' tuigsinn gu h-obann gu bheil triùir san luchd-amhairc a' cainnt nas àirde na càch, ann am measgachadh de Ghàidhlig is Beurla. Tha na triùir shrainnsearan sin sa bhad a' stèidheachadh co-bhàidh eadar iad fhèin 's an luchd-amhairc, a tha air an tarraing a-steach don ghnothaich. 

Ann an sin gus amharc air dealbh-chluich iad fhèin, tha na triùir bhana-chleasaichean a' taisbeanadh na sgriobt aca ann an dòigh a tha cho meallta agus cho nàdarrach, a' gabhail a-steach mòran leasachaidh gun ullachadh agus an eisimeil frith-ghluasadan bhon luchd-amhairc. An ceann mhionaidean, tha an luchd-amhairc nan lùban a' gàireachdaich.

Bho throimh-chèile Campa Òigridh a' Chomuinn Ghàidhealaich sa Ghearasdan gu stampaichean air an lorg ann an àiteachan nàrach aig àm sgrùdaidhean meidigeach, tha sinn ga fhaighinn uile - chan eil àite ann airson nàire no cuingean an seo. Cha robh aon aodann ri fhaicinn san luchd-amhairc a' nochdadh eas-aonta.

Tha casg ga chur air na deasbadan pearsanta bho àm gu àm nuair a thèid an dealbh-chluich cheart agus sgeidsichean nan nigheanan a chur an làthair. Bha na sgeidsichean uile air an taisbeanadh ann an stoidhle mhisneachail, nì a tha iongantach nuair a chuimhnicheas sinn gu bheil iad air am fèin-sgrìobhadh agus air am fèin-leasachadh.

'S e aon de na feartan as làidire san dealbh-chluich an dòigh sa bheil an luchd-amhairc air an toirt, ann am priobadh na sùla, bho àirde na h-àbhachdais gu doimhneachd àmhghair agus eu-dòchais. Dh'fhaodadh gun toir e òirnn a bhith a' faireachdainn caran mì-chofhurtail, ach chan e sin a tha an sgrìobhadair ag iarraidh òirnn a bhith a' faireachdainn - ach sùil a thoirt òirnn fhìn, a bhith a' gàireachdaich mar deidhinn fhìn, ach cuideachd taobh nas dùbhlanaiche den bheatha a shealltainn dhuinn.

Dh'fhaodadh gun caill daoine gun Ghàidhlig cuid den èibhinneachd as seòlta, ach a dh'aindeoin sin, tuigidh iad a' chuid as motha de bhrìgh na sgeulachd (tha aon de na sgeidsichean air a coileanadh gu tur ann am Beurla), ach nach eil gàireachdaich gabhaltach, co-dhiù?

Air a thaisbeanadh sa mhòr-chuid tro mheadhan na Gàidhlig, dh'fhaodadh gum biodhte a' dùileachadh gum biodh an dealbh-chluich a' cuimseachadh air saoghal nan Gàidheal, ach a thuilleadh air iomradh an dràsta 's a-rithist air Barraigh no Gàidhlig fhèin, tha an dealbh-chluich seo mu dheidhinn bhoireannach ann an àite sam bith. Nach saoilibh gu bheil seo na ceum chudromach air adhart do dhràma Gàidhlig - gur e cànan buntainneach, co-aimsireil a th' innte aig a bheil a h-àite fhèin ann an saoghal sgrìobhaidh agus cluiche.

Tha, tha i anabarrach èibhinn, tha, tha an 't-actadh' - mas e sin a chanas sibh ris oir tha e a' coimhead cho nàdarrach - barraichte dìreach mar a tha an stiùireadh, ach tha teachdaireachdan ann dhuinn air diofar ìrean.

Chan eil feasgar mìorbhaileach blàth agus taitneach de ghàireachdaich - agus òrain - aig a bheil comas air ar n-anaman a bhrodadh ann an dòigh air choreigin, furasta a lorg san latha an-diugh am measg prògraman riochdalachd agus farpaisean-cheist tro fhònadh a-steach. Tha sinn an dòchas gun toir Seonag Monk dhuinn barrachd den sgrìobhadh bhrìoghmhor agus èibhinn aice ann an ùine gun a bhith fada. 'S math a rinn sibh uile!

© Fiona NicChoinnich, 2007