’S ann Diardaoin 10mh Màirt 2016 a bha an ceathramh Latha na Gàidhlig aig Oilthigh Ghlaschu, a’ comharrachadh cànan agus cultar na Gàidhlig air feadh àrainn an Oilthighe. Bha An Lòchran air ar dòigh co-obrachadh le Fiona Dunn aig Iomairt Ghàidhlig an Oilthighe airson tachartas sònraichte, Baile air Bhoil, a’ taisbeanadh ceòl ùr-nodha na Gàidhlig.

Bha An Lòchran uabhasach toilichte taic a chumail ri còmhlan ùr Gàidhlig, INYAL, ’s iad a’ cluich airson a’ chiad uair riamh aig Baile air Bhoil. ’S iad Robbie Greig, Conal McDonagh agus Hamish MacLeòid a th’ ann an INYAL. Bidh Hamish gu tric a’ cluich aig seiseanan-ciùil An Lòchrain agus tachartasan eile againn cuideachd – Gaels Le Chèile agus Cò Ghoid an Nollaig nam measg. Dh’fhaighnich sinn air Hamish barrachd innse dhuinn mun chòmhlan, an ceòl aige fhèin agus gu dè a tha sònraichte mu Ghlaschu a thaobh ceòl agus Gàidhlig.

Tha Glaschu a' frithealadh an ìre mhath a h-uile nòs-ciùil a th' ann agus, ri linn 's gu bheil a àireamh mhòr de Ghàidheil Alba a’ fuireach sa bhaile, tha e a’ leantainn gu bheil am farsaingeachd seo air a riochdachadh sa Ghàidhlig cuideachd.

Tha còmhlain ann a tha a' cruthachadh rudan ùr-ghnàthach leis an tradisean agus chì thu sin dìreach le bhith a' fuireach sa bhaile. Thàinig Inyal gu bith as dèidh dhuinn a bhith a’ coimhead agus ag èisdeachd ri luchd-ciùil eile a’ cruthachadh nòsan ùr ann an ceòl tradiseanta. Bha sinne airson ar dreach fhèin a thoirt air an dualchas.

Le bhith a’ brosnachadh cuirmean mar Baile air Bhoil, agus tro a bhith a ruith tachartasan eile cuideachd a leithid cèilidhean agus seiseanan ciùil - tachartasan a tha a’ toirt mòr-thoileachas dhomh fhìn a bhith an-sàs ann – tha An Lòchran a’ dèanamh obair ionmhalta ceòl Gàidhlig a leasachadh anns an fharsaingeachd, tradiseanta is eile, agus a’ cur an cèill gach riochd den cheòl.

Cuide ri INYAL aig Baile air Bhoil, bha Niteworks a’ toirt an ceòl àraid aca dhan àrd-ùrlar an dèidh dhaibh a’ chiad chlàr aca, NW, a chur air bhog ann an Glaschu aig deireadh 2015. Cuideachd air an àrd-ùrlar, bha The Elephant Sessions” a tha air cliù mhòr a choisinn dhaibh fhèin.

Chaidh a' chuirm seo a chlàradh airson BBC Alba: http://www.bbc.co.uk/programmes/b07600vx