Bha An Lòchran air ar dòigh dà thachartas a chur air dòigh aig Celtic Connections 2016, a' comharrachadh 10 bliadhna on a chaidh "Songs of Gaelic Scotland" le Anna Latharna NicGillÌosa fhoillseachadh.

Cuirm-Chiùil: Dihaoine 22mh Faoilleach 2016, 7.30f. Àite: Saint Luke's

Bha luchd-èisteachd làn còmhla rinn gus 10 bliadhna on a chaidh "Songs of Gaelic Scotland", an leabhar iomraiteach aig Anna Latharna NicGillÌosa, fhoillseachadh.

An dèidh do Fhèis Bhlas 2015 an co-là-breith 70mh aig Anna a chomharrachadh, bha Anna fhìn agus buidheann àraid de luchd-ciùil is seinneadairean còmhla rithe aig an tachartas sònraichte seo. Nam measg: Kathleen NicAonghais, Art MacCarmaig, Alan Kitchen, John Sampson, Rhona NicAoidh, agus nighean Anna, Raonaid. Sheinn iad taghadh farsaing bhon stòras lìonmhor aig Anna agus òrain an leabhair fhèin.

Comhradh: Disathairne 23mh Faoilleach, 12f. Àite: Ionad Nàiseanta na Pìobaireachd

Comhradh sònraichte a' comharrachadh 10 bliadhna on a dh'fhoillsichear an leabhar "Songs of Gaelic Scotland" le Anna Latharna NicGillÌosa.

Bhruidhinn Anna mun leabhar agus a beatha còmhla ri neach-aithris Rèidio nan Gàidheal, Iain Mac 'Ille Mhìcheil. Nach ann againn a bha sgeulachdan iongantach is inntinneach rin cluinntinn mu thachartasan sònraichte agus daoine a bha air àrd-ùrlar còmhla ri Anna thar nam bliadhnaichean.