Bliadhna shoirbheachail eile airson An Lòchran aig Fèis Taobh an Iar Ghlaschu 2015!

Bha bliadhna shoirbheachail eile aig An Lòchran aig Fèis Taobh an Iar Ghlaschu 2015, le 6 tachartasan coimhearsnachd a’ tarraing còrr is 80 neach.

Bha dà latha uabhasach math aig teaghlaichean le clann fo aois 5 aig tachartasan Bookbug a chuir An Lòchran agus Comhairle nan Leabhraichean air dòigh. Bha tòrr spòrs aig a h-uile duine còmhla ri Linda NicLeòid a’ seinn, a’ cluich geamannan agus a’ leughadh sgeulachdan mun Mhuir agus Na Neònachain!

Thuirt pàrantan: “ Great session for my daughter!” “Fìor mhath – taing mhòr!”

Bha cothrom cuideachd aig daoine òrain Gàidhlig ionnsachadh bho thriùir seinneadairean cliùiteach: Joy Dunlop, Calum Ross agus Murdo ‘Wasp’ MacDonald. Thuirt daoine a bha an-làthair: “Oidhche fìor mhath”, “Keep up the good work!”

Thàinig tachartasan An Lòchrain aig an Fhèis gu crìoch le seisean-ciùil Gàidhlig anns An Lios Mòr, a bha na h-oidhche air leth làn ceòl agus òrain Gàidhlig. Bidh An Lòchran a’ ruith seisean-ciùil Gàidhlig gach mìos anns An Lios Mòr, a’ chiad Diciadain sa mhìos.

Tha An Lòchran an dòchas a thogail air soirbheachas 2015 aig Fèis Taobh an Iar Ghlaschu le bhith a’ cur air dòigh am barrachd tachartasan agus cothroman airson daoine ann an Glaschu anns na bliadhnaichean ri teachd, airson na h-Ealain Ghàidhlig a bhrosnachadh anns a’ bhaile.