09 Cèitean 2005

Tha FIONA NicCHOINNICH a' cluinntinn cuideachd chliùiteach de nas fheàrr ann an saoghal na Gàidhlig a' comharrachadh òrain Chaluim agus Ruairidh Dhòmhnallach. 

 

B' e TALLA RÌOGHAIL GHLASCHU an t-àite airson mòran mhìosan de chleasaichean ealaineach agus sholarach a tharraing gu ceann, le buileachadh air 'Flùr an Taoibh an Iar'. Bha an tachartas cudromach seo a chaidh a ghabhail os làimh leis 'An Lòchran' - buidheann Ealain Ghàidhlig Ghlaschu - na chomharradh air ceòl agus obair an lùib Ealain Ghàidhlig aig an dithis luchd-sgrìobhaidh òrain, Calum agus Ruairiridh Dòmhnallach bho Runrig.

Bha am prògram stèidhichte mu thimcheall an leabhair òrain chliùiteach, 'Flùr an Taoibh an Iar', a sgrìobh na bràithrean agus a chaidh a thoirt gu buil fo stiùireadh- ciùil Màiri Anna NicUalraig, Brus MacGriogair, Brian MacAlpain, Phil Coinneagan agus Coinneach MacThòmais.

Leis a' chòmhlan de sheinneadairean Gàidhlig agus luchd-ciùil a bha na lùib, bhiodh e duilich don phròiseact seo gun a bhith soirbheachail. 'S ann ainneamh a thathar air  sreath den luchd-ealain as grinne ann an saoghal na Gàidhlig leithid seo fhaicinn, agus bha am faireachdainn san talla na theisteanas air na bha an luchd-èisteachd a' dùileachadh.

Chaidh tùs a chur air a' phrògram leis an òran àlainn eilthireachd sin stèidhichte air a' cheòl-mhòr 'Fraoch à Rònaidh', air a sheinn gun taic-ciùil le Rona Lightfoot, Kenna Chaimbeul agus Màiri Nic an Aonghais. B' e seo an aon òran den oidhche nach buineadh do Runrig, ach b' e fosgladh freagarrach a bh' ann a bha a' glacadh spiorad agus eachdraidh eileanan Uibhist, far an deach na bràithrean Dòmhnallach a thogail.

Leanadh seo le coileanadh faireachdainneil air 'Chi mi 'n Geamhradh' leis an t-seinneadair seann-nòs Donaidh M. MacLeòid, le taic co-sheirmeach drùidhteach bho Magaidh Dhòmhnallach à Cliar. Cha b' e na h-òrain ainmeil uile a bha air an seinn agus bha e sònraichte tlachdmhor na h-òrain air nach robhar cho eòlach a chluinntinn, leithid 'Pòg aon Oidhche Earraich' air a sheinn le Art MacCarmaig, cuideachd à Cliar.

Thugadh coileanaidhean co-aimsireil cuideachd le Iain Moireasdan às a' chòmhlan Poor Old Ben, a thug tlachd gu h-àraid don fheadhainn a b' òige den luchd-èisteachd, agus le Còisir Bun-sgoil Ghàidhlig Ghlaschu a thug taic do chuid de na h-òrain còmhla ri còisir de 100 neach a bha mar amalachadh de Chòisir Gàidhlig Chomar nan Allt, Còisir Ghàidhlig Ìleach Ghlaschu, Còisir Bhaile Ghobhainn, Còisir Shruighle agus còisir Choinnich MhicThòmais fhèin, Ceòlraidh Ghàidhlig Ghlaschu (no an GG).

"Bidh an ginealach ùr de sheinneadairean agus luchd-ciùil agus ginealaichean a tha ri thighinn,  a' cleachdadh na dìleib ciùil seo airson mòran bhliadhnaichean ri teachd."